Scottish Culture and Traditions Youth Camp

Scottish Culture and Traditions Youth Camp

The University welcomes the Scottish Culture and Traditions Youth Camp

The University welcomed 140 youngsters aged between six and 17 to campus last week as part of the Scottish Culture and Traditions Youth Camp.

The event, which took place in the MacRobert Building and King’s Pavillion, gave those attending the opportunity to get tuition in traditional Scottish instruments like the clàrsach, the fiddle and the chanter and learn Scots and Gaelic songs.

Carola MacCallum, Gaelic Development officer for the University said: “This is a great example of community outreach by the university and many of the participants are kids of staff members and, of course, all the youngsters are potential future students who see how beautiful our campus is!

“It is immensely valuable for young people to learn about Scottish culture and to have the opportunity to try out different instruments and learn songs in Scots and Gaelic.”

Blythe Primrose, the Gaelic Song tutor at the event, added: ‘My grandparents are Doric speakers and I decided to do a Nat5 in Gaelic and now I’m doing a degree in Gaelic and Traditional music at Sabhal Mòr Ostaig, the Gaelic college in Skye and I think it’s so cool to be able to speak both languages. It makes life so much richer and has given me so many opportunities already, like teaching here, I want to pass this pride on to the kids here.’

Cameron Nixon, the Scots song tutor said: ‘A lot of the kids here are Doric speakers and teaching them songs in their native tongue shows them the value of it and will perhaps encourage them to write songs in Scots in the future as well and keep the tradition going.’

This is the third year SC&T Youth have run their Youth Camp at the University and they are always delighted to be back.

 

Campa òigridh Cultar is Traidiseanan na h-Alba

Chuir an t-Oilthigh fàilte air 140 duine òg eadar sia is 17 bliadhna a dh’aois chun a’ champas an t-seachdain sa chaidh mar phàirt de Champa Òigridh Cultar is Traidiseanan na h-Alba.

Chaidh an tachartas a chumail ann an Togalach MhicRobert (MacRobert Building) agus Pàillean an Rìgh (King’s Pavillion). Thug e cothrom don chloinn ionnstramaidean traidiseanta Albannach leithid a’ chlàrsaich, an fhidheall agus am feadan ionnsachadh agus òrain Ghàidhlig ‘s Albais ionnsachadh.

Thuirt Caròla NicCaluim, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig an Oilthigh: “ ’S e deagh eisimpleir a tha seo de dh’obair coimhearsnachd leis an oilthigh. Bha mòran chloinne aig luchd-obrach Oilthigh Obar Dheathain an làthair, agus, gu dearbh, tha na daoine òga uile nan oileanaich comasach san àm ri teachd agus tha iad a’ faicinn cho breagha sa tha an àrainn againn.”

“Tha e air leth luachmhor do dhaoine òga ionnsachadh mu chultar na h-Alba agus cothrom fhaighinn diofar ionnstramaidean fheuchainn agus òrain ionnsachadh ann an Albais is Gàidhlig.”

Thuirt Blythe Primrose, neach-teagaisg nan Òrain Ghàidhlig aig an tachartas: “Tha mo shean-phàrantan a’ bruidhinn Doric agus chuir mi romham Nat5 a dhèanamh sa Ghàidhlig agus a-nis tha mi a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig agus ceòl traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaiste Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cho ‘cool’ a bhith comasach air an dà chànan a bhruidhinn. Tha e a' dèanamh mo bheatha tòrr nas beairtiche agus tha e air na h-uimhir de chothroman a thoirt dhomh mar-thà, mar a bhith teagasg an seo, tha mi airson an pròis seo a thoirt don chloinne an seo.”

Thuirt Cameron Nixon, an neach-teagaisg òrain Albais: “Tha tòrr den chloinn an seo nan luchd-labhairt Doric agus tha mi gan teagasg òrain nan cànan dùthchasach. Tha e a’ sealltainn dhaibh cho luachmhor sa tha e agus ’s dòcha gum bi iad air am brosnachadh gu bhith a’ sgrìobhadh òrain ann an Albais san àm ri teachd cuideachd agus an traidisean a chumail a’ dol.”

Seo an treas bliadhna a tha Òigridh Cultar is Traidiseanan na h-Alba (SC&T) air Campa Òigridh an Oilthigh a ruith agus tha iad an-còmhnaidh air leth toilichte a bhith air ais.