Benefits of bilingualism - Buannachdan Dà-Chànanas Agus Foghlam Tro Mheadhan Na Gàidhlig

Benefits of bilingualism - Buannachdan Dà-Chànanas Agus Foghlam Tro Mheadhan Na Gàidhlig

Authors

Christina Walker

Download

PDF Version

Abstract

In this article Christina Walker, Lecturer in Gaelic Medium Education, Aberdeen University, discusses the benefits of bilingualism and Gaelic Medium Education. 

content

Dè na buannachdan a tha ann an dà-chànanas?

Bithear tric a' deasbad mun bhuaidh a tha aig ionnsachadh dara no treas cànain air an neach a tha ag ionnsachadh. Anns na làithean a dh'fhalbh bhiodh iadsan a bha a' diùltadh cànan eile ionnsachadh ag ràdh gun robh a leithid seo a dh'ionnsachadh a' cur cus cuideim air an inntinn agus gun robh daoine a bha dhà-chànanach a' fulang  troimhe-chèile mu dè an cànan a chleachdadh iad. Ma dh'fhaodas mi coimhead air seo aig toiseach tòiseachaidh bho thaobh pearsanta, chanainn nach cuala mi dad cho gòrach nam bheatha.  Mar a h-uile Gàidheal eile, chaidh mo thogail ann an dachaigh far nach cuala agus nach do chleachd mi ach a' Ghàidhlig gus an tàinig mi gu aois bun-sgoile. An sin chaidh m'oideachadh tro mheadhan na Beurla. Anns an àrd-sgoil agus san oilthigh dh'ionnsaich mi Frangais gu fileantas, agus thog mi beagan Gearmailtis anns an dol seachad cuideachd. Cha robh duilgheadas agam, agus cho fad 's is fiosrach mi, cha robh aig mo charaidean a bharrachd tron dà chànan a bhith nam brochan nan ceann, ged a tha amannan ann a tha facal no abairt nas fheàrr airson rud a mhìneachadh ann an aona chànan seach an cànan eile. Mar sin, tha an cuspair anns a bheil mi an sàs an seo gu math dlùth rim chridhe, ach chan ann a-mhàin bho thaobh pearsanta a tha mi a' sgrìobhadh ach bhon dearbhadh a tha againn bho rannsachadh mu na buannachdan a tha a' tighinn le dà-chànanas.

Dè a tha ann an dà-chànanas?

Tha an neach a tha dà-chànanach cha mhòr cho comasach no a cheart cho comasach na dhara chànan 's a tha e na chànan fhèin.  'S dòcha gu bheil e nas fhasa do chuid a bhith eirmseach ann an aona chànan agus gu bheil an cànan eile nas fheàrr airson a bhith a' mìneachadh ghnothaichean teicnigeach. Chan e idir nach eil e no i comasach air gach cuid a dhèanamh anns an dà chànan ach tha e 's dòcha a' tighinn nas nàdarraiche thuca cuid a rudan a dhèanamh anns a' chànan is freagarraiche air a shon. Chanainn gu bheil e nas fhasa dhomhsa sgeulachd èibhinn innse nam chànan màthaireil ach gu bheil e nas nàdarraiche dhomh a bhith a' bruidhinn air cuspair ùr mar coimpiutaireachd anns a' Bheurla.

Dè na buannachdan a tha ann?

Tha mar gum biodh dà shealladh air an t-saoghal aig an neach a tha dà-chànanach, no dh'fhaoidte a ràdh gu bheil dà shaoghal fa leth aige no aice. An cois cànain sam bith tha cultair sònraichte, agus tha gach cuid cànan agus cultair an eisimeil a chèile. Cho luath 's a tha duine ag ionnsachadh a' chànain, tha e a' faighinn a-mach mun bheartas cultair a tha ceangailte ris. Tha an t-ionnsachadh seo a' toirt tuigse do neach air àitean, daoine, dòighean-beatha agus nithean mar creideamhan eile. 'S cinnteach anns an latha anns a bheil sinn beò gur e rud math a tha sin ann am beatha dhuine sam bith. Tha  clann aig a bheil dà chànan agus dà chultair buailteach fàilte a chur air cloinn bho dhùthaich eile a thig às ùr don chlas aca san sgoil, gun a bhith a' coimhead orra mar choigrich.

Tha rannsachadh air dearbhadh gu bheil clann aig a bheil dà chànan tric nas soirbheachaile anns an sgoil na feadhainn aig nach eil ach aona chànan. Tha an cuid inntinn nas fhosgailte do dh'ionnsachadh agus tha iad comasach air a bhith a' smaoineachadh air cuspairean ann an diofar dhòighean. Mar sin tha buannachdan follaiseach ann bho thaobh foghlaim.

Chan eil teagamh nach eil buannachdan pearsanta agus sòisealta ann. Le dara chànan tha clann aig a bheil sin a' gluasad gu diofar shuidheachaidhean agus comasach air iad fhèin a ghiùlan gu h-iomchaidh a rèir an t-suidheachaidh, le eòlas air fasanan agus modhan sòisealta a dh'fhaodadh a bhith caran eadar-dhealaichte bhon fheadhainn leis an do thogadh iad.

Nuair a bhois sinn ag ionnsachadh cànain eile, bidh structair ar cànan fhìn nas soirbhe a thuigsinn agus tha an dòigh anns a bheil ar cànan màthaireil ag obair a' fàs nas soilleir dhuinn. Tha sin gar toirt gu tuigsinn air mar a tha cànanan anns an fharsaingeachd ag obrachadh agus a' ciallachadh gu bheil e mòran nas fhasa dhuinn treas no ceathramh cànan a thogail. Cha bheag a' bhuannachd sin ann an saoghal a tha air fàs cho beag, far a bheil e cho furasta faighinn bho aona rìoghachd gu rìoghachd eile!

Tha comas barrachd air aona chànan a bhruidhinn a' leudachadh chothroman cosnaidh. Tha cuid a dhreuchdan ann far a bheil dara chànan riatanach agus feadhainn far a bheil e na bhuannachd, ach coma cò dhiubh, tha cunntas-beatha a' coimhead tòrr nas fheàrr nuair a tha luchd fastaidh a' faighinn beachd air tagraiche dà-chànanach aig a bheil eòlas pearsanta air cànan agus cultair eile  agus a tha air inntinn a leudachadh anns an dòigh inntinneach seo.

Am measg an luchd-rannsachaidh a tha a' cur nam buannachdan far comhair, tha an t-Àrd Ollamh Colin Baker bho Oilthigh ma Cuimrigh a tha air leth-cheud arteigeal agus còig leabhraichean deug fhoillseachadh air dà-chànanas, an t-Àrd Ollamh Jim Cummins bho Oilthigh Alberta ann an Canada a tha a' bruidhinn air dà-chànanas mar sàr fhoghlaim le mòran beartais agus an t-Àrd Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èidinn a tha a' dèanamh luaidh air buannachdan ionnsachadh dara cànan aig aois òg agus a' daingneachadh gu bheil na buannachdan uile a tha air an ainmeachadh gu h-àrd gu mòr am follais ann an toraidhean an rannsachaidh aicese, "Bilingualism Matters" a chaidh fhoillseachadh anns a' Ghearran 2009. Tha Sorace ag ràdh gu bheil i an dòchas gum brosnaich toraidhean an rannsachaidh aice pàrantan ann an Alba gus  an cuid chloinne a chur gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Dè na buannachdan a tha ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?

Classroom picture

Chaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh le dà bhun-sgoil ann an 1985 airson oidhirp a dhèanamh stad a chur air crìonadh a' chànain, ach san là 'n-diugh, le còrr is seasgad bun-sgoil ga thabhann, tha e gu math follaiseach gu bheil an siostam air soirbheachadh, chan ann a-mhàin do chloinn aig a bheil a' Ghàidhlig mar chiad chànan ach do chloinn a tha air tighinn don sgoil gun ach glè bheag no gun facal Gàidhlig nan ceann agus a tha air tighinn gu dà-chànanas.

Tha Gàidhlig mar chànan beartach ann am briathrachas agus litreachas, gun luaidh air a' chultar inntinneach, phrìseil a tha na cois, cultar a bhuineas gu nàdarra don rìoghachd seo. Tha clann anns na sgoiltean Gàidhlig ag ionnsachadh mòran mun chultar seo agus a' faotainn tuigse air eachdraidh agus dòigh-beatha nan Gàidheal. Tha rannsachadh a rinn an t-Àrd Ollamh MacIain, Oilthigh Shruighlea, agus aithisgean bho Luchd-sgrùdaidh na Banrigh a' dearbhadh gu bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' soirbheachadh anns na cuspairean sgoile agus ann an leasachadh pearsanta agus sòisealta.  Aig ceann shuas na bun-sgoile, tha comas aca dà chànan a labhairt gu fileanta. Rinn an luchd-sgrùdaidh iomradh agus moladh  air an dlùth cheangal a bha follaiseach eadar pàrantan agus luchd-teagaisg anns na sgoiltean Gàidhlig. Cha bheag na buannachdan sin ann an saoghal an fhoghlaim!

Tha comasan cosnaidh a bharrachd aig sgoilearan aig a bheil a' Ghàidhlig, le saoghal na Gàidhlig a' leudachadh gach latha. Le seanal ùr digiteach, tha na meadhanan Gàidhlig a' sìor lorg dhaoine le comas sa chànan. Tha buannachdan eaconomaigeach an lùib na cùise cuideachd oir tha iomadach buidheann Ghàidhlig againn aig a bheil feum air oifigearan agus luchd-obrach a tha comasach air eadar-theangachadh s.m.s.a.a.

Ach an rud is cudromaiche, nam bharail, 's e gu bheil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' neartachadh a' chànain agus a' cur ri fàs agus soirbheachadh mion chànain a tha a' strì airson tighinn beò. Nach math gu bheil siostam againn a tha a' tabhann cothrom do chloinn fileantas fhaotainn ann an dara cànan, cothrom a tha a' fosgladh saoghal ùr, inntinneach don fheadhainn a tha a' tòiseachadh gun aon fhacal Gàidhlig nan ceann.  Don fheadhainn aig a bheil Gàidhlig san teaghlach, nach math gu bheil an cothrom aca foghlam fhaighinn nan cànan màthaireil, gu bheil an cothrom acasan an cuid chànain a leasachadh , a' cumail gach cuid a' chànain sin agus a' chultair luachdmhor a tha ceangailte rithe beò.

Keywords

bilingualism, Gaelic medium education

Published in Volume 17,