Rannsachadh
Tha ar rannsachadh Gàidhlig a' coimhead ri litreachas Gàidhlig, eachdraidh chultarail agus saoghail Gàidhlig là an-diugh. Taobh a-staigh nan sreathan seo, tha rannsachadh ga dhèanamh air cuspairean leithid rosg bhon ochdamh linn deug gu atharraichean sòisio-chànanach sna coimhearsnachdan dà-chànanach Beurla-Gàidhlig là an-diugh.
Tha an Roinn a' foillseachadh na h-irise Scottish Gaelic Studies, tè dhe na h-irisean 'peer-reviewed' as cliùitich ann an saoghal acadaimigeach na Gàidhlig.
Airson liosta coileanta de na foillseachaidhean againn, theirigibh gu duilleagan fa leth luchd-obrach.