Tha Gàidhlig na h-Alba na cànain eachdraidheil Albannach a bhuineas don teaghlach chànanan 'Ceilteach'. Is i Gàidhlig na h-Alba tè dhe na cànanan 'Q-Celtic', maille ri Gaeilge (Èirinn) agus Gaelg (Eilean Mhanainn). Thathas ag aithneachadh na Gàidhlig mar tè dhe na cànanan dùthchasach a bhuineas do dh'Alba, còmhla ri dual-chainntean na Beurla Gallda, leithid 'Doric' agus na cànanan a bhithte a' bruidhinn uaireigin an Sealtainn is Arcaibh.
Tha an-diugh mu 58,000 neach ann an Alba aig a bheil comas Gàidhlig a bhruidhinn. Ann an 2005 chuir Pàrlamaid na h-Alba reachdas air dòigh a chum a' Ghàidhlig a chur an suidheachadh seasmhach mar chànan oifigeil na h-Alba le spèis a bhiodh co-ionnan ri Beurla. Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 na teisteanas air an rùn ùr ann an saoghal poilitigeach na h-Alba gus taic a chumail ri ath-bheothachadh na cànain. Tha cuideachd a-nise barrachd tuigse am measg muinntir na h-Alba air fìor luach na Gàidhlig don dùthaich. Tha an ìre de thaic don Ghàidhlig ann an Alba, taic nach fhacas a-riamh roimhe, a' ciallachadh gur e àm inntinneach, togarrach dha-rìribh a th' ann airson Gàidhlig a dh'ionnsachadh. Gheibhear fiosrachadh a bharrachd tro na ceanglaichean air an làimh-chlì.
- Gàidhlig san Ear-Thuath
-
Ged nach eil mòran mothachaidh ga thoirt dha seo uaireannan, bha ceàrnaidhean san Ear-Thuath aig aon àm taobh a-staigh na Gàidhealtachd, le paraistean air Bràigh Dhè leis na coimhearsnachdan fa dheireadh a bha a' bruidhinn na Gàidhlig. B' i a' Bh-ph Sìne NicGilleBhàin à Bràigh Mhàrr, a dh'eug ann an 1984, an neach mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Siorrachd Obar Dheathain. Tha Leabhar Dhèir cuideachd na cheangal cudromach eachdraidheil don Ghàidhlig. Chuireadh ri chèile e aig Manachainn Ceilteach ann an Dèir, Siorrachd Obar Dheathain; san deicheamh linn (le barrachd ga chur ris san darna linn deug) agus tha e a' toirt dhuinn sealladh iongantach air a' chultar, air an Eaglais agus air muinntir Alba, Shasainn agus Èireann sna linntean sin. Lorgas ann cuid dhe na h-eisimpleirean as sine de sgrìobhadh Gàidhlig na h-Alba sna meadhan aoisean.
Tha an-diugh mu 2,500 neach aig a bheil Gàidhlig ann am baile Obar Dheathain agus ann an Siorrachd Obar Dheathain. Anns a' bhaile fhèin, tha foghlam Gàidhlig ri fhaighinn bho aois ro-sgoil suas gu ìre ceuma agus iar-cheuma.
Theirig an sàs ann an Coimhearsnachd Ghàidhlig Obar Dheathain!
Tha àite gu math cudromach aig luchd-obrach agus oileanaich Oilthigh Obar Dheathain ann an coimhearsnachd Ghàidhlig na sgìre, agus iad an sàs mar bhuill agus luchd-taice bhuidhnean leithid Club Gàidhlig Obar Dheathain, Còisir Ghàidhlig Obar Dheathain agus Comann Cultair agus Traidiseanan na h-Alba (SCAT).
Tha an t-Oilthigh cuideachd a' dèanamh obair chudromach sa choimhearsnachd tro na tachartasan air an cur air dòigh le Comann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain.
- Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain
-
Thathas air a bhith a' teagasg na Gàidhlig mar chuspair aig Oilthigh Obar Dheathain bhon ochdamh linn deug. Tha mòran àrd-sgoilearan Gàidhlig air a bhith aig an Oilthigh mar oileanaich no luchd-teagaisg. Bha an t-Ollamh Iain Stiùbhart Blackie na oileanach againn sna 1820an agus b' e fhuair Cathair Roinn na Daonnachd sna 1830an. Bha an t-Ollamh Ruairidh MacThòmais agus Iain Mac a' Ghobhainn (nach maireann) nan oileanaich aig Oilthigh Obar Dheathain tràth san fhicheadamh linn, agus chaidh MacThòmais air adhart gu bhith na Cheannard air Roinn na Ceiltis ann an 1956. Anns na bliadhnachan a dh'fhalbh, bha an t-àrd-sgoilear Gàidhlig Dòmhnall MacAmhlaigh na Leughadair ann an Ceilteis, agus b' e Dòmhnall Meek a' chiad Chathraiche aig Roinn na Ceiltis.
Thathas ag aithneachadh na h-eachdraidh fada, uasail seo ann am Plana Gàidhlig an Oilthigh – Plana a tha a' ruith bho 2013-18 – sa bheil geallaidhean a chum piseach agus leasachadh a thoirt air a' Ghàidhlig an co-theagasg Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha am Plana a' cur an cèill àrd-amas an Oilthigh; a' cur prìomhachas air oileanaich a tha a' dèanamh Gàidhlig mar chuspair, agus gus leudachadh a dhèanamh air na cothroman dha oileanaich sam bith tlachd mhòr fhaighinn às a' chànain agus a' chultar.
A bharrachd air na cùrsaichean air an tabhainn tron Sgoil Cànain is Litreachais, tha Sgoil Foghlaim an Oilthigh cuideachd gu math cliùiteach a thaobh phrògraman foghlaim Gàidhlig. Tha an t-Ionad Rannsachadh air Eòlas na h-Alba is Èireann cuideachd a' cumail taic ris a' Ghàidhlig. Tha an t-Ionad a' foillseachadh iris litreachais, Causeway / Cabhsair, le pìosan bàrdachd agus sgeulachdan goirid tric a' nochdadh ann bho sgrìobhadairean Gàidhlig, feadhainn aig a bheil ainm mar tha agus cuideachd sgrìobhadairean ùra.
Ceanglaichean Feumail
- Càite a bheil Gàidhlig ga bruidhinn?
-
Rè na ciad linn deug, b' i a' Ghàidhlig prìomh chànan a' chuid bu mhotha de dh'Alba (a' gabhail a-steach an Ear-Thuath), mar a tha ainmean-àite a' sealltainn dhuinn. Bhon àm seo, ge-tà, tha a' chànan air crìonadh. Chunnacas Gàidhealtachd fa leth a' tighinn am follais aig deireadh na ceathramh linn deug. Lorgas an-diugh air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan 55 sa chiad den 58,652 daoine aig a bheil Gàidhlig an Alba. 'S ann am measg choimhearsnachdan air an Eilean Sgitheanach, sna h-Eileanan Siar agus, gu ìre nas lugha, an Eileanan Earra-Ghàidheal, a lorgas a-nise fìor choimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba.
Tha eilthireachd às a' Ghàidhealtachd air a bhith na rud cumanta bhon ochdamh linn deug a-mach, nuair a chaidh coimhearsnachdan Gàidhlig a stèidheachadh ann am bailtean mòra na h-Alba, leithid Glaschu, Grianaig, Pàislig, Dùn Èideann, Dùn Dè agus Peairt. Lorgas coimhearsnachdan beòthail Gàidhlig ann am bailtean mòran na h-Alba uile.
Bha na h-uimhir de dhaoine a' falbh a-null thairis san ochdamh agus tràth sna naoidheamh linn deug agus gun do dh'èirich coimhearsnachdan Gàidhlig ann an dùthchannan eile. Lorgadh an tè a b' ainmeil dhiubh seo ann an Canada. Tha Gàidheil ri fhaighinn ann an Canada fhathast, gu h-àraidh ann an Alba Nuadh, far a bheil coimhearsnachd bheag de dhaoine a thogadh leis a' Ghàidhlig agus àireamh nas motha de dhaoine a tha ga h-ionnsachadh. Tha coimhearsnachd na Gàidhlig, san là an-diugh, na coimhearsnachd a tha sgapte air feadh na cruinne.