Gàidhlig san Ear-Thuath

In this section

Ged nach eil mòran mothachaidh ga thoirt dha seo uaireannan, bha ceàrnaidhean san Ear-Thuath aig aon àm taobh a-staigh na Gàidhealtachd, le paraistean air Bràigh Dhè leis na coimhearsnachdan fa dheireadh a bha a' bruidhinn na Gàidhlig. B' i a' Bh-ph Sìne NicGilleBhàin à Bràigh Mhàrr, a dh'eug ann an 1984, an neach mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Siorrachd Obar Dheathain. Tha Leabhar Dhèir cuideachd na cheangal cudromach eachdraidheil don Ghàidhlig. Chuireadh ri chèile e aig Manachainn Ceilteach ann an Dèir, Siorrachd Obar Dheathain; san deicheamh linn (le barrachd ga chur ris san darna linn deug) agus tha e a' toirt dhuinn sealladh iongantach air a' chultar, air an Eaglais agus air muinntir Alba, Shasainn agus Èireann sna linntean sin. Lorgas ann cuid dhe na h-eisimpleirean as sine de sgrìobhadh Gàidhlig na h-Alba sna meadhan aoisean.

Tha an-diugh mu 2,500 neach aig a bheil Gàidhlig ann am baile Obar Dheathain agus ann an Siorrachd Obar Dheathain. Anns a' bhaile fhèin, tha foghlam Gàidhlig ri fhaighinn bho aois ro-sgoil suas gu ìre ceuma agus iar-cheuma.

Theirig an sàs ann an Coimhearsnachd Ghàidhlig Obar Dheathain!

Tha àite gu math cudromach aig luch dobrach agus oileanaich Oilthigh Obar Dheathain ann an coimhearsnachd Ghàidhlig na sgìre, agus iad an sàs mar bhuill agus luchd-taice bhuidhnean leithid Club Gàidhlig Obar Dheathain, Còisir Ghàidhlig Obar Dheathain agus Comann Cultair agus Traidiseanan na h-Alba (SCAT).

Tha an t-Oilthigh cuideachd a' dèanamh obair chudromach sa choimhearsnachd tro na tachartasan air an cur air dòigh leis a' Chomann Cheilteach aig Oilthigh Obar Dheathain .