Cùrsaichean fo-cheuma

Cùrsaichean fo-cheuma
Thar-sealladh

Ire 1 a' gaireachdainn

Tha sinn a' tabhainn chùrsaichean anns a' chànain, a' chultar agus an litreachas a rèir a h-uile ìre fileantais, gu h-àraidh luchd-tòiseachaidh. 

Faodar Eòlas Gàidhlig a dhèanamh mar cheum MA, dùbailte no mar cheum co-bhannta. Faodar cuideachd a' Ghàidhlig a dhèanamh sa chiad agus san dàrna bliadhna maille ri prìomh chuspair a' cheuma agaibh, mar eileamaid de na roghainnean às a' phrògram .  

Lorgas an seo fiosrachadh air structar a' chùrsa cheuma Ghàidhlig agus mar as urrainn dhuibh Gàidhlig a thaghadh mar chuspair a bharrachd sa chiad bhliadhna. Carson nach gabh sibh an cothrom thighinn gu là fosgailte an Oilthigh ach am faic sibh cò ris a tha an t-Oilthigh agus Obair Dheathain coltach. 

Is dòcha nach dèan sibh Gàidhlig ach airson aon teirm, air neo airson bhliadhnachan a' cheuma air fad. Ge brith dè slighe a ghabhas sibh, gheibhear cothrom air ionnsachadh mun chànain as sine a bhuineas do dh'Alba a tha fhathast ga bruidhinn, gus piseach a thoirt air ur cuid sgilean Gàidhlig ann an àrainneachd chuideachail, thaiceil. 

Ceum
Gàidhlig

Lorgas an seo fiosrachadh air na cothroman air Gàidhlig a dhèanamh mar eileamaid de cheum 
aig Oilthigh Obar Dheathain. 

Dè structar a' cheuma MA ann an Eòlas Gàidhlig?

Tha Eòlas Gàidhlig a' cur prìomhachas air nua-Ghàidhlig na h-Alba; a' chànan, litreachas agus sòisealtas. Tha dà shreath cànain fa leth sa chùrsa cheuma: 
aon dha luchd-tòiseachaidh no daoine gun Ghàidhlig idir, agus aon dha daoine le Gàidhlig aig Àrd Ìre (luchd-ionnsachaidh), air neo dha daoine le Àrd Ìre (luchd-fìleanta). Tha an dlùth-chùrsa dha luchd-tòiseachaidh ag amais air oileanaich a thoirt gu fileantas a thaobh leughadh agus 
sgrìobhadh cho luath 's as urrainn, leis na cùrsaichean dha oileanaich aig a bheil Gàidhlig mar-thà a' cur fòcas air fìor ghrinneas agus a' leasachadh dhòighean-labhairt agus briathrachais. A bharrachd air a' chànain, agus bhon chiad bhliadhna a-mach, tha cothrom aig oileanaich ionnsachadh mu bheul-aithris, litreachas, planadh cànain, cànanachas agus sòisio-chànanachas. Is urrainnear cuideachd cuspairean a thaghadh às roinnean eile. Faodar an MA ann an Eòlas Gàidhlig a dhèanamh mar cheum dùbailte le urram. 

Dè an cùrsa cànain as fhreagarraiche dhòmhsa?Progressive Gaelic 2

Is urrainn dha oileanaich gun Ghàidhlig, no le glè bheag dhith, dlùth-chùrsa luchd-tòiseachaidh a dhèanamh sa chiad agus san dàrna bliadhna. Tha an cùrsa dha luchd-tòiseachaidh a' leantail prògraim de chlasaichean cànain, stèidhichte air na leabhraichean 'Progressive Gaelic', a sgrìobhadh airson a' chùrsa seo leis an Dr Moray Watson.  

Bidh na h-oileanaich aig a bheil eòlas mar-thà, ge brith ma tha Gàidhlig aca bho thùs, bho fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig no mar neach-ionnsachaidh,  a' leantail cùrsa nas adhartaiche a bhios a' togail air agus a' neartachadh an cuid eòlais air a' chànain.

Dè na cuspairean eile as urrainn dhomh a ghabhail maille ri Gàidhlig?

Anns a' chiad dà bhliadhna, bidh ùine agaibh cuspairean eile a dhèanamh 
a bharrachd air na cuspairean a tha deatamach a chum ceum sa Ghàidhlig. 
Uime seo, tha e cudromach gun seall sibh ris an fharsaingeachd chuspairean 
eile as urrainnear a ghabhail mus tig sibh chun Oilthigh an toiseach (seallaibh 
ri Clàr nan Cùrsaichean). Aig Obar Dheathain, gabhaidh ceum Gàidhlig cuideachd 
ga dhèanamh ann an co-bhuinn le cuspairean eile, le cothrom ann dà 
phrìomh chuspair a thaghadh bhon chiad bhliadhna. Cuidichidh am fiosrachadh
 a leanas sibh ann a bhith a' taghadh dè na cuspairean a eile a nì sibh suas gu ìre 
ceuma le urram. 

Ceumannan Gàidhlig Dùbailte le Urram

  • MA ann an Eòlas Gàidhlig – prògram ceuma ann an co-bhuinn: le Daonn-Eòlas, Rianachd Gnothachais, Eòlas Ceilteach & Angla-Shasannach, Eaconamas, Beurla, Cultar Lèirsinneach & Film, Fraingis, Cruinn-Eòlas, Gearmailtis, Eachdraidh, Cànan agus Cànanachas, Poileataigs, Sòisio-Eòlas, Spàinnteach no  Eòlas Diadhaidh & Creideamh. 
  • MA Co-bhannta le Urram ann an Eòlas-Inntinn, Matamataig, Foghlam, Gnothachas Eadar-nàiseanta no Ceòl (le Gàidhlig mar mhion-chuspair). 
  • LLB (Lagh) le Gàidhlig 

Airson barrachd fiosrachaidh air na cùrsaichean riatanach, seallaibh ri Sònrachaidhean Prògraim Eòlas Gàidhlig 

An urrainn dhomh Gàidhlig a ghabhail mar phàirt de cheum an Ceilteis?

Faodaidh oileanaich a tha airson Gàidhlig a dhèanamh air feadh an ùine aca aig an oilthigh ceum dùbailte a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Ceiltis is Eòlas Angla-Shasannach.  

Faodaidh oileanaich a tha airson Ceiltis is Angla-Shasannach a dhèanamh mar ceum singilte no còmhla ri cuspair eile cùrsaichean Gàidhlig a dhèanamh aig ìrean 1 agus 2. 

 

Ionnsachadh Leasaichte

Tha na roghainnean a gheibhear tron phrògram ionnsachadh leasaichte a' toirt dhuibh an cothrom Gàidhlig a dhèanamh ri taobh prìomh chuspair ur ceuma. Tha cothrom aig oileanaich Oilthigh Obar Dheathain (ach a-mhàin an fheadhainn a tha a' dèanamh Eòlas-Leighis no Fiaclaireachd) cuspairean a thaghadh às ionnsachadh leasaichte. Gheibhear bharrachd fiosrachaidh an seo air mar as urrainn dhuibh Gàidhlig a dhèanamh.

Ionnsachadh Maireannach sa Ghàidhlig

Bidh cothrom Gàidhlig a thaghadh mar aon de na ceithir cuspairean deug a bhios ri ghabhail tron phrògram ionnsachadh maireannach dha oileanaich a' tòiseachadh aig Ìre 1. Gus Gàidhlig a bhith air ainmeachadh air tar-sgrìobhadh ur ceuma, cha leig sibh leas ach aon chùrsa cànain a dhèanamh gach teirm sa chiad dà bhliadhna. Tha oileanaich a' tòiseachadh aig an ìre as fhreagarraiche a rèir nan sgilean Gàidhlig aca. An dèidh dhaibh tòiseachadh aig Ìre 1, agus ma chuireas iad crìoch oirre, faodaidh iad a dhol air adhart gu Gàidhlig Ìre 2. Le dà bhliadhna de Ghàidhlig agaibh, bu chòir dha seo barrachd chothroman obrach a chruthachadh dhuibh ann an Alba, agus gu h-àraidh air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.

Gàidhlig tro Farsaingeachd Foghlaim

Faodaidh oileanaich cùrsaichean ann an Eòlas Gàidhlig a dhèanamh sa chiad dà bhliadhna de cheum mar phàirt den phrògram Farsaingeachd Foghlaim.  'S urrainn dha oileanaich Gàidhlig a thòiseachadh aig ìre a fhreagras air na sgilean Gàidhlig aca, agus ma shoirbhicheas leotha aig Ìre 1, faodaidh iad a dhol air adhart gu Ìre 2 sa Ghàidhlig.

Cothroman obrach

Tha sgilean Gàidhlig a' toirt dhuibh bharrachd chothroman ann an saoghal na h-obrach. Chan eil an crìonadh san eaconamaidh air mòran crìonadh a dhèanamh air na cothroman ann an saoghal obrach na Gàidhlig, le fàs a' tighinn air fhathast. Tha iarrtas mòr air ceumnaichean Gàidhlig Oilthigh Obar Dheathain, agus leis an fharsaingeachd chuspairean a tha sinn a' teagasg – cho math ris na dòighean ionnsachaidh againn; stèidhte air cleachdadh agus eòlas – tha na ceumnaichean againn le cothroman dha-rìribh a thaobh chothroman obrach. Tha sinn le ceanglaichean làidir le fastaichean, buidhnean an Riaghaltais agus le buidhnean a tha air ceumnaichean an Oilthigh fhastadh roimhe, agus tha na ceanglaichean sin air an cleachdadh fad na h-ùine gus leasachadh a thoirt air na cùrsaichean againn. Tha ceumnaichean sna trì cuspairean tric a' dol air adhart gu cosnaidhean inntinneach, tarraingeach; agus iad gu math sùbailte nan sgilean an taca ri ceumnaichean chuspairean eile.

Air ceumnachadh bho chionn ghoirid

Oileanaich 2013 air latha ceumnachaidhTha oileanaich Ghàidhlig a tha air ceumnachadh bho chionn goirid air a dhol air adhart chun na leanas:

  • ag obair a chum PhDan, an Obar Dheathain agus thall thairis
  • ag obair ann an ealan, dealbhadh agus riochdachadh didsiotach
  • ag obair sna meadhanan Gàidhlig
  • a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig
  • ag obair aig Iomairt Loch Abar
  • a' foillseachadh nobhail
  • ag obair ann an tasglannan Gàidhlig
  • a' trèanadh gu a bhith na t(h)idsear.