Oilthigh a' toirt taic do chànan is dualchas nan Gaidheal

In this section
Oilthigh a' toirt taic do chànan is dualchas nan Gaidheal

Tha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain an dùil dithis luchd-obrach ùr a chur an dreuchd, a' gabhail a-steach Neach-Cathrach, airson comharrachadh 2004 mar bhliadhna de dhealasachd airson Roinn Ceilteach an latha an-diugh.

Bidh am prìomhachas a tha Oilthigh Obar Dheathain a' toirt do rannsachadh agus teagasg aig àrd-ìre ann an cuspairean Ceilteach, agus ann an Gàidhlig na h-Alba gu sònraichte, air àrdachadh. Bidh an Oilthigh a' fasdadh sgoilearan ionmholta a choisinn cliù eadar-nàiseanta anns na cuspairean aca.

Thuirt an t-Ard Ollamh Brian MacGriogair, Ceannard Colaiste nan Ealan is Saidheansan Sòisealta: "Bidh Neach-Cathrach ùr a' togail air inbhe rannsachadh na Gàidhlig agus rannsachadh na Ceiltis taobh a-staigh na h-Oilthigh agus tha seo na phàirt de leasachaidhean ann an Roinn na Ceilitis. Thathar an dùil Oilthigh Obar Dheathain a stèidheachadh às ùr mar ionad cudthromach airson rannsachadh agus teagasg na Gàidhlig. Tha sinn a' cur romhainn ar n-obair a stiùireadh ann an dòigh a bhios a' buntainn ri suidheachadh ùr na Gàidhlig ann am foghlam agus obair-leasachaidh.

Chuir an t-Ollamh Tormod MacGilliosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, sàr ionad cànain agus dualchas nan Gaidheal, fàilte air an naidheachd; " Tha sinne aig an t-Sabhal Mhòr air ar dòigh gu bheil Oilthigh Obar Dheathain air a' cheum seo a ghabhail agus tha sinne a-nise a' coimhead air adhart ri barrachd cho-obrachadh leotha. Bidh lìonradh de dh' ionadan air feadh Alba, a' toirt seachad cothroman ionnsachaidh, na bhuannachd mhòr ann an obair-leasachaidh na Gàidhlig. Bidh e inntinneach dhà-rìreabh nuair a thèid an luchd-obrach seo a chur an dreuchd agus tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dhan oilthigh."

Thuirt Ailean Caimbeul, àrd-oifigear buidheann leasachaidh Bhòrd na Gàidhlig, " Tha traidisean fada iomraiteach aig Oilthigh Obar Dheathain ann an teagasg agus rannsachadh nan cànan Ceilteach, agus bha sin gu h-àraidh fìor mu Ghàidhlig na h-Alba. Bha iomagain ann o chionn ghoirid gun robh an Roinn air crìonadh agus tha e na thogail cridhe cluinntinn gu bheil an Oilthigh ga h-ath-stèidheachadh fhèin mar ionad cudthromach airson Gàidhlig. Tha misneachd ùr ann airson Gàidhlig san àm ri teachd ach tha pailteas saothair romhainn fhathast. Mar sin, tha an naidheachd seo fìor iomchaidh agus tha sinn an dòchas gun tèid gu math leis an Oilthigh ann an bhith a' fasdadh an luchd-obrach seo."

Search News

Browse by Month

2004

  1. Jan
  2. Feb
  3. Mar
  4. Apr
  5. May
  6. Jun
  7. Jul
  8. Aug
  9. Sep
  10. Oct
  11. Nov There are no items to show for November 2004
  12. Dec

2003

  1. Jan
  2. Feb
  3. Mar
  4. Apr
  5. May
  6. Jun
  7. Jul
  8. Aug
  9. Sep
  10. Oct
  11. Nov
  12. Dec There are no items to show for December 2003

1999

  1. Jan There are no items to show for January 1999
  2. Feb There are no items to show for February 1999
  3. Mar
  4. Apr
  5. May
  6. Jun
  7. Jul
  8. Aug
  9. Sep
  10. Oct
  11. Nov
  12. Dec

1998

  1. Jan
  2. Feb
  3. Mar
  4. Apr There are no items to show for April 1998
  5. May
  6. Jun
  7. Jul There are no items to show for July 1998
  8. Aug There are no items to show for August 1998
  9. Sep
  10. Oct
  11. Nov There are no items to show for November 1998
  12. Dec