Tha an iris Scottish Gaelic Studies na adhbhar mòite agus tlachd dha sgoilearan Gàidhlig Obar Dheathain, agus i na fìor ulaidh luachmhor aig Gàidheil na h-Alba, taobh a-staigh agus taobh a-muigh an t-saoghail acadaimigich. Chaidh a foillseachadh an toiseach an dèidh iarrtas bho fhear Iain Friseal, a' chiad òraidiche Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain (a chaidh fhastadh an 1916) ach cha do nochd i an toiseach gu 1926, fada an dèidh dha am Frisealach falbh. Bha i, bhon fhior thoiseach, air a cuir ri chèile le àrd-sgoilearan Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain, le Iain Dòmhnallach - a fhuair dreuchd Iain Fhriseil - ciad neach-deasachaidh na h-irise; agus tha leabhar a h-aon, pàirt a h-aon fhathast ri fhaighinn gus an là an-diugh! Feumaidh gun deach fada cus leth-bhreacan a dhèanamh, oir tha an fheadhainn a thàinig eadar sin agus 1955 a-mach à clò agus garbh duilich a lorg. B' iad ceannardan na Roinne Ceiltis luchd-deasachaidh na h-irise airson a' chòrr den fhicheadamh linn; b' iadsan: Ruairidh MacThòmais, Dòmhnall MacAmhlaigh agus Dòmhnall E. Meek. Chaidh an obair a ghabhail bhos làimh bhon Àrd-Oll. Colm Ó Baoill leis an Àrd-Oll. Moray Watson agus a sgioba.
Fiosrachadh dha Sgrìobhadairean
Tha an iris Scottish Gaelic Studies na foillseachadh 'peer-reviewed'. Chan eileas a-riamh air a bhith ro theann a thaobh chuspairean na h-irise. Chan i a-mhàin Gàidhlig na h-Alba, ach obair air a dèanamh ann an Alba [no àite sam bith eile!] air cuspair Gàidhlig sam bith; a' gabhail a-steach cànan, litreachas, eachdraidh, foghlam agus planadh cànain.
Tha Scottish Gaelic Studies an-dràsta ga foillseachadh as t-fhoghar gach bliadhna. Tha an luchd-deasachaidh a' cur fàilte air artaigilean airson na h-ath iris. Bu choir artaigilean a chuir gu luchd-deasachaidh ann an cruth didseatach aig scottishgaelicstudies@abdn.ac.uk air neo mar sgrìobhainn chlò-bhuailte gu Sgoil Cànain agus Litreachais, Taylor Building, Oilthigh Obar Dheathain, AB24 3UB. Bu choir sgrìobhadairean cumail ri stoidhlichean agus gnàthasan sgrìobhaidh na h-irise - a tha ri lorg taobh a-staigh dhuilleagan aghaidh seann fhoillseachaidhean den iris - gu h-àraidh gum feumas notaichean-deiridh a chleachdadh seach bonn-notaichean. Faodar artaigilean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig no ann am Beurla. Chan eileas a' cur crìoch air àireamh fhaclan nan artaigilean.
Post-d: scottishgaelicstudies@abdn.ac.uk
Rannsachadh na Gàidhlig
Chaidh iomairt ùr acadaimigeach a chur air bhonn leis a' chiad cho-labhairt de Rannsachadh na Gàidhlig a chuireadh air dòigh le Scottish Gaelic Studies sa bhliadhna 2000. Bha a' cho-labhairt cho soirbheachail agus cho ùr mar chothrom cruinneachaidh dha Gàidheil, agus gu bheil i ga cumail fhathast gach dàrna bliadhna de dh'àireamh chothromach aig diofar oilthighean, leithid Glaschu, Dùn Èideann, Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh St Francis Xavier ann an Canada.